Beagan Eachdraidh air Morair-ionaid Short History of the Lieutenancies

Tha Morair-ionaid a’ Chrùin a’ riochdachadh An Rìgh airson sgìre gach comhairle ionadail. Tha 98 Morairean-ionaid air feadh Bhreatainn agus 35 ann an Alba. Tha iad air an suidheachadh nan dreuchdan le A Mhòrachd An Rìgh le moladh a’ Phrìomh Mhinisteir.

Chaidh Morairean-ionaid a stèidheachadh an toiseach ann an linn Eanraig VIII (1500-1598) airson uallach cùisean Airm a ghabhail a-nall bhon t-Sìorram airson dleastanasan an Airm às leth a’ Chrùin. Ann an 1662 chaidh uallach a’ mhailisidh a thoirt dhaibh ach chaidh seo air ais chun a’ Chrùin le Achd nam Feachdan 1871.

Bha suidheachadh ann an Alba beagan eadar-dhealaichte agus ged a bha Morairean stèidhichte airson feadhainn dhan na Siorrachdan bho mu 1715, san ann an 1794 a chaidh Barrantas Rìoghail aontachadh airson buidhnean saor-thoileach a stèidheachadh airson dìon na rìoghachd agus chaidh Morairean-ionaid a shuidheachadh fad ùine.

Bha buidhnean dìon anns gach siorrachd fo Mhorairean-ionaid a’ Chrùin a bha air an suidheachadh leis an Righ no Bhanrigh agus a bha a’ stèidheachadh Leas Mhorairean-ionaid. Bha na dleastanasan a’ gabhail a-steach dìon nan siorrachdan aca an aghaidh sabaid no briseadh sìth. Bha smachd aca air na buidhnean armachd saor-thoileach agus às dèidh Achd a’ Mhilitia bha ùghdarras aca buidhnean armachd a ghairm.

Às dèidh 1802, bha Morair-ionaid a’ Chrùin ex-officio na bhall air comataidh a’ phoileis agus na comhairlean ionadail ach dh’atharraich Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1889 na dleastanasan seo ach thairis air ùine ’s e dleastanasan sìobhalta a tha aig na Morairean-ionaid. An-diugh, ’s e prìomh dhleastanas Morair-ionaid a bhith a’ dèanamh ceangalan eadar An Rìgh agus a’ choimhearsnachd agus a’ dìon inbhe a’ Chrùin.

His Majesty’s Lord-Lieutenants are the representatives of the Crown for each local authority area. There are 98 Lord-Lieutenants in the UK of which 35 are in Scotland. They are appointed by His Majesty The King, on the advice of the Prime Minister.

Lord-Lieutenants were originally appointed in Henry VIII’s reign (1500-1598) to take over the military duties of the Sheriff and control of the military forces for the Crown. In 1662 they were given control of the militia, but the Forces Act 1871 transferred this function back to the Crown.

The situation in Scotland was slightly different and although Lieutenants were appointed to a few counties from about 1715, it was not until 1794 that a Royal Warrant ordered the development of volunteer forces for the defence of the country and permanent lieutenancies were established.

Forces were based in each county led by a Lord-Lieutenant who was appointed by the Sovereign and who in turn appointed Deputies. The list of duties included provision for the protection of their counties in the event of invasion, threat or civil uprising. They directed volunteer forces and after the Militia Act, were empowered to raise and command militia units.

After 1802 the Lord-Lieutenant was ex-officio a member of the local police committee and the local authority but the Local Government (Scotland) Act of 1889 abolished these functions and the role of lieutenancies gradually became largely ceremonial. Today, the main task of the Lord-Lieutenant is to act as the link between the Monarch and the local community and in doing so to uphold the dignity of the Crown.

Eachdraidh Morair-ionaid a’ Chrùin ’s na h-Eileanan Siar History of the Western Isles Lieutenancy

Chaidh Morair-ionaid a’ Chrùin ’s na h-eileanan Siar a stèidheachadh ann an 1974 nuair a chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh.

Ro 1974, b’ e Morair-ionaid Siorrachd Rois is Chrombaidh a bha an urra ri Leòdhas agus Morair-ionaid Siorrachd Inbhir Nis an urra ri na Hearadh, Uibhist agus Barraigh.

Tha na leanas air a bhith nan Morairean-ionaid sna h-Eileanan Siar bho 1974:

1974 - 1983
Màidsear Somhairle Longbotham, Steòrnabhagh
1983 – 1993
An 5mh Iarla Granville, Uibhist a Tuath
1993 – 2000
Am 2ra Mòrar Dunrossil, Uibhist a Tuath
2001 - 2016
Sandaidh MacMhathain, Steòrnabhagh
2016 – 2022
Dòmhnall Màrtainn, Steòrnabhagh
2022 - an-dràsta
Iain MacAmhlaidh, Col Uarach agus Uibhist a Tuath

Tha an àireamh de Iar Mhorairean a rèir sluagh gach sgìre agus anns an h-Eileanan Siar faodaidh suas gu 10 Morairean-ionaid a bhith againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu eachdraidh nam Morairean-ionaid ann an leabhar “The Lord-Lieutenants and their Deputies” le Miles Jebb a tha air fhoillseachadh le Phillimore.

The Western Isles Lieutenancy was established in 1974 on the re-organisation of local government which created Comhairle nan Eilean.

Prior to 1974, the Lord-Lieutenant for Lewis was the Lord-Lieutenant for the county of Ross-shire and the Lord-Lieutenant for the county of Inverness-shire served Harris, Uist and Barra.

The following have served as Lord-Lieutenants since the Western Isles Lieutenancy was established in 1974:

1974 – 1983
Major Samuel Longbotham, Stornoway
1983 – 1993
The 5th Earl Granville, North Uist
1993 – 2000
The 2nd Viscount Dunrossil, North Uist
2001 - 2016
Mr Alexander Matheson, CVO OBE, Stornoway
2016 - 2022
Mr Donald Martin, CVO, Stornoway
2022 - present
Mr Iain Macaulay, Upper Coll and North Uist

The number of Deputy Lieutenants in each area depends on the population and in the Western Isles we are able to have up to 10 Deputies.

Further information on the history of the Lieutenancies can be obtained in the publication “The Lord-Lieutenants and their Deputies” by Miles Jebb, published by Phillimore.

Dè Tha Sinn A’ Dèanamh? What Do We Do?

Dleastanasan Morair-ionaid a’ Chrùin

’S e dleastanasan Morair-ionaid a’ Chrùin:

  • Riochdachadh A Mhòrachd An Rìgh aig tachartasan agus seirbheisean ionadail
  • Riochdachadh a’ Choimhearsnachd aig tachartasan Rìoghail agus Seirbheisean Cuimhneachaidh.
  • Ag ullachadh, co-òrdanachadh, a’ toirt comhairle agus a bhith làthair aig turasan Rìoghail dhan sgìre
  • Toirt seachad duaisean às leth An Rìgh
  • Moladh ainmean bhon sgìre airson frithealadh Pàrtaidhean Rìoghail
  • Gabhail com-pàirt ann an tachartasan ionadail, saor-thoileach agus sòisealta
  • Dèanamh ceangalan le buidhnean ionadail de na seirbheisean armachd agus na cadets

Mura bheil am Moraír-ionaid comasach air dleastanasan a choileanadh, faodaidh an Leas Mhorair no aon de na h-Iar Mhorairean frithealadh às leth a’ Mhorair-ionaid.

Responsibilities of the Lord-Lieutenant

The responsibilites of the Lord-Lieutenant are:

  • Representing HM The King at local functions and ceremonies
  • Representing the community at Royal /Commemorative Services
  • Preparing, co-ordinating, advising and accompanying on Royal Visits to the area
  • Presenting medals, awards and decorations on behalf of HM The King
  • Submitting names of local nominees for attendance at Royal Garden Parties.
  • Participating in local civic, voluntary and social activities.
  • Liaising with local units of the armed services and their associated cadets.

If the Lord-Lieutenant is not available to attend an event the Vice Lord-Lieutenant or one of the Deputy Lieutenants may represent the Lord-Lieutenant.

Urraman agus Duaisean Honours and Awards

Urraman

Tha sinn uile eòlach air feadhainn a tha sinn a’ smaoineachadh a tha dèanamh obair ionmholta sa choimhearsnachd againn agus a tha airidh air urram ach tha sinn buailteach air fhàgail aig duine eile an ainm a chur air adhart.

Faodadh duine sam bith urram fhaighinn ma gheibh iad chun ìre a tha freagarrach air urram agus tha e furasta do dhuine sam bith tagradh a chur a-steach airson duine a tha airidh air urram. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air www.gov.uk.

Tha am Morair-ionaid toilichte comhairle agus fiosrachadh a thoirt seachad air a’ phròiseas airson tagradh a dhèanamh.

Honours

We all know of people who we think should be given an award for some outstanding work in our community but always assume that someone else will make the nomination.

Anyone can receive an award if they reach the required standard of merit or service and it is open to anyone to nominate a person for an award. The process is very simple and straightforward. Full information and guidance notes are available on www.gov.uk/honours.

The Lord-Lieutenant is available to give advice on the procedure for making a nomination.

Duais an Rìgh airson Seirbheis Saor-Thoileach

Tha Duais an Rìgh airson Seirbheis Saor-Thoileach (KAVS) air aithneachadh mar an MBE dha na buidhnean saor-thoileach agus e air a thoirt seachad airson obair ionmholta sa choimhearsnachd le buidheann saor-thoileach. Chun seo ’s e dà bhuidheann anns na h-Eileanan Siar a choisinn an Duais – GAIN Pàirc-chluich Eòropaidh, Nis agus Spòrs Nis, ann an Lìonal, Leòdhas.

Bu mhath leam barrachd thagraidhean fhaicinn bho na h-Eileanan Siar far a bheil uiread de bhuidhnean ag obair gu dìcheallach a’ dèanamh obair fìor-mhath sna coimhearsnachdan againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air www.gov.uk/kings-award-for-voluntary-service.

The King’s Award for Voluntary Service

The King’s Award for Voluntary Service (KAVS) is regarded as the MBE for the voluntary organisations and is given to recognise exceptional work by any voluntary organisation working in the community. To date two organisations have been awarded the QAVS in the Western Isles – GAIN Play Area, Eoropie Ness and Spòrs Nis in Lionel, Lewis.

As Lord-Lieutenant I am anxious to encourage more nominations from our many excellent voluntary organisations in the Western Isles. Further information can be obtained on www.gov.uk/kings-award-for-voluntary-service.

Duais an Rìgh airson Gnìomhachas

Tha Duais an Rìgh airson Gnìomhachas airson buidhnean agus companaidhean a tha air ìre àrd a ruighinn anns a’ ghnìomhachas aca aig ire Eadar-nàiseanta, Leasachadh Cothroman Sòisealta agus Ath Nuadhachadh.

Thoiribh sùil a bheil sibh airidh air iarrtas a chur a-steach le dhol gu www.gov.uk/kings-awards-for-enterprise.

The King’s Award for Enterprise

The King’s Awards for Enterprise is a highly prestigious award for outstanding achievement by UK businesses in the categories of Innovation, International Trade, Sustainable Development and Promoting Opportunity through Social Mobility.

Check to see if your business is eligible to apply by obtaining further information on www.gov.uk/kings-awards-for-enterprise.

Cuimhneachan Bhliadhnail Anniversaries

Nuair a ruigheas duine 100 bliadhna a dh’aois no a’ comharrachadh 60 bliadhna pòstadh, cuiridh An Rìgh teachdaireachd pearsanta thuca.

Airson teachdaireachd co-latha breith 100 bliadhna agus comharrachadh 60 bliadhna pòsta, feumar iarrtas a chur a-steach le bhith lìonadh foirm iarrtais a gheibhear air www.royal.uk/anniversary-messages

Ma tha an teaghlach airson gun tèid an teachdaireachd bhon Rìgh a thoirt seachad leis a’ Mhorair Ionaid, faodar fios a chur chun Rianadair, Magaidh NicAoidh.

Cha mhair an tadhal seo ach beagan mhionaidean, direach cho fad ’s a bheir e an teachdaireachd a thoirt seachad agus dealbh a thogail, ma tha an teaghlach airson sin.

On the occasion of the 100th birthday of a person or the Diamond Wedding anniversary of a married couple The King will send a signed greeting and message of congratulations.

To get Messages for 100th birthdays and Diamond Wedding Anniversaries, it is necessary to make an application and this should be done by completing the application form which can be obtained at www.royal.uk/anniversary-messages.

If the family wish to have The King’s Birthday or Diamond Wedding Anniversary message delivered personally by the Lord-Lieutenant, as The King’s representative, this can be arranged by contacting the Clerk to the Lieutenancy, Margaret Mackay.

The visit will be brief and will only last as long as it takes to hand over the message and have a photo taken if this is the wish of the family.

Turasan Rìoghail Royal Visits

’S e tlachd mòr a tha ann a bhith a’ cur fàilte air A Mhòrachd An Rìgh no ball eile den teaghlach Rìoghail dha na h-eileanan.

Faodar cuireadh a thoirt dhan Rìgh no ball eile dhan teaghlach a thighinn chun nan eilean airson iomadach adhbhar – airson togalach fhosgladh, airson clach-mhìle shònraichte a chomharrachadh - agus faodar cuireadh a chur tro Morair Ionaid a’ Chrùin no dìreach gu Oifis Runaire an Teaghlaich Rìoghail.

Bheir e suas ri naoi mìosan airson co-dhùnadh fhaighinn air cuireadh airson turas Rìoghail.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air Turasan Rìoghail bhon Rianadair Magaidh NicAoidh.

Thairis air an fhichead bliadhna a chaidh seachad tha an teaghlach Rìoghail air tadhal air na h-eileanan iomadach uair. Ann am bliadhna Iubailidh na Banrigh, thadhail A Mòrachd a’ Bhanrigh agus Diùc Dhùn Èideann ann an Steòrnabhagh san Ògmhios 2002.

Bha Am Prionnsa Teàrlach ann an Leòdhas, na Hearadh (còmhla ris a’ Bhana Dhiùc), Uibhist agus Beàrnaraigh; A’ Bhàna-phrionnsa Anna ann an Leòdhas, Baile a’ Mhanaich agus Loch nam Madadh, agus an Iarla agus a’ Bhana-iarla Wessex ann an Èirisgeigh, Beinn na Fadhla, Na Hearadh, Steòrnabhagh agus Barraigh, thairis air na bliadhnaichean.

One of the most important and pleasurable duties undertaken by the Lord-Lieutenant and Deputy Lieutenants is to host a Royal Visit to the area by HM The King or other members of the Royal Family.

Invitations to visit an organisation can be for a number of reasons – to open a building, to commemorate a significant anniversary or to recognise a significant milestone – and bids can be made through the Lord-Lieutenant or direct to the Private Secretary’s Office of the individual member of the Royal Family. It can take up to nine months to process an invitation for a Royal Visit.

Further information and advice on Royal Visits and how to submit an invitation can be obtained from the Clerk to the Lieutenancy, Margaret Mackay.

Over the past twenty years there have been numerous official visits to the Western Isles by most members of the Royal Family. These have included the visit by HM The Queen accompanied by HRH Prince Philip to Stornoway in June 2002 to commemorate HM The Queen’s Golden Jubilee;

HRH The Prince of Wales visited Lewis, Harris (accompanied by the Duchess of Cornwall), Uist and Berneray; HRH The Princess Royal has visited Lewis, Benbecula and Lochmaddy and the Earl and Countess of Wessex have visited Eriskay, Benbecula, Harris Stornoway and Barra over the years.

Pàrtaidhean Rìoghail

Tha Morair Ionaid a’ Chrùin a’ faighinn cothrom ainmean a chur air adhart a’ riochdachadh na coimhearsnachd aig Pàrtaidh Rìoghail An Rìgh ann an Dùn Èideann aig deireadh an Ògmhios no toiseach an Iuchair gach bliadhna nuair a tha A Mhòrachd an Rìgh ann an Alba airson seachdain.

Ma tha fios agaibh air duine sam bith nach eil air a bhith aig Pàrtaidh Rìoghail mar thà agus a tha sibh a’ smaoineachadh a bhiodh airidh air cuireadh airson obair sa choimhearsnachd no obair saor-thoileach, leigibh fios gu Iar Mhorair Ionaid a’ Chrùin san sgìre agaibh no chun Rianadair.

Royal Garden Parties

The Lord-Lieutenant is given the opportunity to submit names of people who can represent the islands at the Royal Garden Party in Edinburgh which is held normally at the end of June or the beginning of July each year when HM The King spends a week in Scotland.

If you know of anyone who has not attended a previous Garden Party and who you think should receive an invitation in recognition of community or voluntary work, get in touch with your local Deputy Lieutenant or the Clerk to the Lieutenancy for further information.